- Advice for Consumers
- How to complain
- Ofcom licensing
- Find a document
- Research and Market Data
- Consultations
- Competition and Consumer Bulletin
- Media and Analysts
- Contacting Ofcom
- About Ofcom
Home > Media and Analysts > News Release Archive > 2007 > Aug > 16|08|07
16|08|07
Ofcom a’ tòiseachadh air Measadh Buaidh air a’ Mhargadh co-cheangailte ris an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a tha am BBC a’ moladh
Dh’fhoillsich Ofcom an diugh Cumhachan Iomraidh son Measadh Buaidh air a’ Mhargadh co-cheangailte ris an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig. Tha iad a’ sireadh bheachdan is comhairle o fheadhainn aig a bheil ceangal ris a’ chuspair mun a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an t-Seirbheis air toraidhean is seirbheisean coimearsalta.
Tha am BBC a’ moladh an sianal a chur air chois, a’ craoladh suas ri seachd uairean a thìde gach latha, seachd latha san t-seachdainn, agus le uair gu leth gach latha de phrògraman ùra.
Rinneadh seo comasach nuair a thàinig Ceannardan-Gniomha a’ BhBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig gu aonta mu cho-mhaoineachadh.
Deuchainn Luach Poblach
Tha Cairt a’ BhBC ag iarraidh gun teid seirbheisean ùra no feadhainn a tha ag atharrachadh gu mòr a chur fo Dheuchainn Luach Poblach le Urras a’ BhBC.
Anns an deuchainn seo tha Measadh air Luach Poblach air a dheanamh leis a BhBC agus Measadh air Buaidh air a’ Mhargadh air a dheanamh le Ofcom. Tha am measadh seo son a dheanamh cinnteach gu bheil seirbheisean ùra a’ BhBC a’ co-chòrdadh ri bhith leasachadh roinn coimearsalta a bhios seasmhach is beothail.
Tha a’ chiad bheachdachadh a rinn Ofcom air an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a tha san amharc ‘gam fàgail den bheachd nach bi ceistean mòra ag èirigh. Mar sin tha Ofcom a’ cur air bhonn co-chomhairleachadh ann an dòigh shìmplidh agus an dòchas gun teid am measadh a dheanamh nas luaithe na na tri miosan àbhaisteach. Tha na freagairtean ri bhith staigh ro 7 Sultain 2007, agus theid an toirt do dh’Urras a’ BhBC air 26 Sultain 2007.
Ma bhios an Deuchainn Luach Poblach ullamh ro Nollaig agus air aontachadh le Urras a’ BhBC, tha dùil gum bi an t-Seirbheis ùr a’ tòiseachadh ro dheireadh a’ Mhàrt 2008.
Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig
‘S i an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a’ chiad sheirbheis phoblach ‘s an Rìoghachd Aonaichte a tha air a maoineachadh gu ire mhòr le buidheann o thaobh a-mach a’ BhBC. Den £17.9 millean sa bhliadhna bhios i cosg thig £10.1 millean o Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus £7.8 millean on BhBC. ‘Se cosgais ùr a th’ann an £2.5 millean de na tha tighinn bhon a’ BhBC.
Bidh an t-Seirbheis cuideachd a’ faighinn buannachd o Chòmhlan Mheadhanan Alba (SMG) tro phrògraman agus foillseachadh luach £1.2 millean thairis air trì bliadhna bho 2006. Tha seo mar dhioladh son lughdachadh air an àireamh phrògraman a dh’fheumas SMG a chraoladh aig priomh-àm fo chùmhnantan an cead-craolaidh bho Ofcom. Cheannaich Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig cuideachd an tasg-lann slàn de phrògraman Gàidhlig aig SMG, son na sianal ùr.
Theid an dàrna leth, air a’ char is lugha, den mhaoin a tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ liubhairt a chosg anns an roinn neo-eisimeileach, ma bhios stèidh làidir aig an roinn seo.
Gheibhear an sianal an toiseach air saideal, bann-leathann is càbal. Gheibhear an uairsin i air telebhisean didseatach talmhaidh an Alba mar a bhios an gluasad gu telebhisean didseatach a-mhàin a’ dol air adhart. Mar sin gheibhear an t-seirbheis air feadh na dùthcha ro 2012.
Tuilleadh Fiosrachaidh
1. Tha an Deuchainn Luach Poblach aig Urras a’ BhBC ann an trì pàirtean. A’ chiad te: Measadh Luach Poblach, a tha an t-Urras fhèin a’ deanamh. An dara te: Measadh air Buaidh air a’ Mhargadh, a tha Ofcom a’ deanamh fo chùmhnantan aontaichte eadar iad fhèin agus an t-Urras. An treas te: an t-urras a’ beachdachadh air an dà mheasadh. Tha an t-Urras a’ tighinn gu co-dhùnaidhean san eadar-ama agus gam foillseachadh mu choinneamh co-chomhairle. An dèidh sin ruigidh iad an co-dhùnadh deireannach.
2. Thàinig sanas-naidheachd o Urras a’ BhBC cuideachd. Gheibh sibh i aig http://www.bbc.co.uk/bbctrust/news/press_releases/2007/gds_pvt.html
Back to top