Access key 0 - Accessibility, Access key 2 - Jump to content, Access key 7 - Jump to navigation
Skip To Content | Skip To Navigation
 

Home > Media and Analysts > News Release Archive > 2007 > Nov > 12|11|07


12|11|07

Gaelic Ofcom a’ crìochnachadh Measadh na Buaidh air a’ Mhargadh aig an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a thathar a’ moladh

Dh’fhoillsich Ofcom an-diugh Measadh na Buaidh air a’ Mhargadh (MBM) a rinn iad air an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig (SDG) a tha am BBC a’ moladh agus anns am bi sianal didseatach ùr air a cho-mhaoineachadh leis a’ BhBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS).

Tha Ofcom air co-dhùnadh gum bi buaidh chudromach agus bhuannachdail aig a’ mholadh air roinn nam meadhanan Gàidhlig. Bheir Urras a’ BhBC a-nise fainear co-dhùnaidhean Ofcom nuair a chuireas iad romhpa co-dhiùbh bheir no nach tabhair iad ùghdarras gun teid an SDG air adhart.

Sheall co-chomhairle Ofcom taice làidir ann am prionnsabal do SDG a-measg fheadhainn aig a bheil ceangal ris an iomairt. Thog cuid aca ceistean a chuir feum air tuilleadh sgrùdaidh. Nam measg bha a’ bhuaidh orra-san a bhiodh a’ tairgse thoraidhean is sheirbheisean.

Molaidhean Ofcom

Tha MBM Ofcom a’ tairgse àireamh mholaidhean do dh’Urras a’ BhBC gus dèanamh cìnnteach gu bheil soilleireachd anns na modhan coimiseanaidh agus gu bheil SDG air am brosnachadh gu pàirt a ghabhail ann a bhith dèanamh tuilleadh leasachaidh air bonn-stèidh measgaichte agus cruthachail son roinn nam meadhanan Gàidhlig.

Tha Ofcom cuideachd a’ moladh:

FIOSRACHADH SON LUCHD-DEASACHAIDH

1. Is i TeleG an t-seirbheis dhidseatach a tha SDN a’ giùlan air multiplex A. Tha i craoladh, air a’ char is lugha, leth-uair de phrògraman Gàidhlig gach latha.

2. Tha Cairt a’ BhBC ag iarraidh gun teid seirbheisean ùra no eadardhealaichte a tha am BBC a’gabhail os làimh an cur fo Dheuchainn Luach Poblach (DLP). Tha seo a’ toirt a-steach Measadh Luach Poblach (MLP) a tha Urras a’ BhBC a’ dèanamh, agus Measadh Buaidh air a’ Mhargadh (MBM) a tha Ofcom a’ dèanamh. Tha ‘san amharc aig an MBM dèanamh cìnnteach gum bi seirbheisean ùra a’ BhBC ann an co-chòrdadh ri leasachadh roinn coimearsalta a tha beothail agus toirteil.

3. Chaidh sanas-naidheachd ullachadh le Urras a’ BhBC cuideachd. Gheibhear e aig http://www.bbc.co.uk/bbctrust/news/press_releases/2007/gds_pva.html

4. Nuair a bheachdaich Ofcom an toiseach air a’ mholadh son Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig bha dùil nach èireadh ceistean ro-chudromach. Mar sin chaidh Ofcom air adhart le modh-obrach a bha sìmplidh, an dùil gun rachadh crìoch a chur air an MBM an taobh a-steach nan trì mìosan àbhaisteach. Mar thoradh air cuid de na ceistean a dh’èirich fhad’s a bha an co-chomhairle a’ dol air adhart, chaidh aontachadh trì seachdainnean eile a chur ris a’ chlàr-ama.

5. B’i an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a’ chiad sheirbheis phoblach aig a’ BhBC a bhiodh maoinichte gu ìre mhòir le buidheann air taobh a-muigh a’ BhBC. Den chosgais bhliadhnail, 17.9 millean not, thigeadh 10.1 millean o Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus 7.8 millean on BhBC. Bhiodh 2.5 millean de chosgais a’ BhBC as ùr son Gàidhlig.

6. Tha dùil gun teid co-dhùnadh an Urrais fhoillseachadh air 28 Faoilleach 2008.

7. Air 23 Faoilleach 2007 dh’fhoillsich Ofcom MBM air seirbheisean ùra air-iarrtas a’ BhBC (http://www.ofcom.org.uk/research/tv/bbcmias/ondemand/), agus air 18 Sultain 2007 MBM air Sianal Àrd Ghèiread a’ BhBC. (http://www.ofcom.org.uk/research/tv/bbcmias/bbc_hdtv/)

8. Is e Ofcom riaghladair neo-eisimeileach agus ùghdarras farpais nan gniomhachas conaltraidh ‘san Rìoghachd Aonaichte, le dleastanais a-thaobh telebhisean, rèidio, tele-conaltradh agus seirbheisean conaltraidh neo-chàblach.


Back to top Back to top

Related Items