- Advice for Consumers
- How to complain
- Ofcom licensing
- Find a document
- Research and Market Data
- Consultations
- Competition and Consumer Bulletin
- Media and Analysts
- Contacting Ofcom
- About Ofcom
Home > Media and Analysts > News Release Archive > News Releases - 2008 > April > 15|04|08
15|04|08
Ofcom a’ Suidheachadh Bhall air Bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Chaidh seachdnar bhall ùra an suidheachadh air bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus triùir de na buill a th’ann an-dràsta ath-shuidheachadh, dh’fhoillsich Ofcom an diugh. Dh’aontaich Rùnaire na Stàite son Alba ris a seo agus thàinig e gu buil air 1 Giblean 2008. Bidh iad anns an dreuchd son trì agus ceithir bliadhna.
Is iad seo na buill ùra:
Domhnall Iain MacAonghais
Tha Mgr MacAonghais na Àrd Cheannard air Alba Europa, buidheann a tha cur air adhart nan cùisean anns a bheil ùidh aig na buill aca mu choinneamh chomuinn stèidhichte an Aonaidh Eòrpaich agus nas fhaide air falbh. A-measg nan cùisean sin tha lorg maoin on Aonadh Eòrpach son iomairtean agus dèanamh luaidh air neart eaconamach na h-Alba. Bha e roimhe na bhall de Chomhairle Craolaidh Alba a’ BhBC agus tha e an-dràsta air a’ Phannal Taghaidh Luchd-dreuchd aig Comhairle Luchd-èisteachd Alba a’ BhBC.
Dòmhnall Màrtainn
Bha Mgr Màrtainn na Àrd Cheannard air Comunn na Gàidhlig o 2003 gu 2007. Tha e air a bhith cunbhallach a’ gabhail pàirt ann am prògraman Gàidhlig air rèidio is telebhisean co-cheangailte ri obair agus ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig. Tha eòlas farsaing aige air rianachd poblach is leasachadh coimhearsnachd.
Rob Dunbar
Tha an t-Oll. Dunbar na Leughadair ann an Lagh is Ceiltis an Oilthaigh Obar-Dheadhain. Tha cliù eadar-nàiseanta aige mar eòlaiche ann am poileasaidh is dealbhachadh mhion-chànain agus rinn e, mar eiseamplair, mòran obrach son Comhairle na h-Eòrpa air craoladh mhion-chànain. Tha e air a bhith brosnachadh foghlam is cultar Gàidhlig mar bhall de bhòrd-stiùiridh chaochladh bhuidhnean Gàidhlig. Tha e an-dràsta na bhall de bhòrd GMS agus cuideachd na bhall de Bhòrd na Gàidhlig.
Shona NicIllFhinnein
Tha Shona NicFhillInnein ag obair air a ceann fhèin mar chomhairliche air leasachadh dùtchchail agus a’ fuireach faisg air an Dòrnaidh an Loch Aills. Bha i na ball de bhùird-stiùiridh Telebhisean Ghrampian agus Puirt-adhair na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, na ball de Chomataidh Leasachaidh Sabhal Mòr Òstaig agus na ball-stiùiridh air Oilthaigh na Gàidhealtachd. Tha i an-dràsta na ball de GMS.
Gòrdan MacIllFhinnein
Tha Mgr MacIllFhinnein na Leas Cheannard air Co-bhanntachd Còmhdhail Shrath-Chluaidh. Roimhe sin bha e na Phrìomh Stiùiriche aig Iomairt na h-Alba Glaschu far an robh taice do ghniomhachas mar dhleasdanas air. Àrd anns na h-amasan aige bha leasachadh roinn nam meadhanan, ag obair còmhla ri companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach. Tha e air a bhith ann an caochladh obraichean aig àrd-ìre anns na roinnean poblach is prìbheiteach.
Donnchadh MacAonghais
Tha Mgr MacAonghais na Rùnaire air Comunn Iasgairean nan Eilean Siar. Bha e sia bliadhna air Bòrd Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus ceithir bliadhna na Chathraiche air Seirbheis Dhreuchdan nan Eilean Siar. Bha e cuideachd air Bòrd Iomairt nan Eilean Siar fad ochd bliadhna, trì dhiubh mar Chathraiche.
Alasdair MacCaluim
Tha an t-Oll. MacCaluim na Oifigear Conaltraidh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba agus roimhe sin bha e na Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Comhairle Pheairt is Cheann-Rois. Anns an dà dhreuchd sin tha e air a bhith dèanamh obair fharsaing a’ brosnachadh foghlaim Gàidhlig aig caochladh ìrean agus dh’fhoillsich e rannsachadh air àite luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an leasachadh na cànain.
Coinneach MacFhionghuin
Tha an t-Ollamh MacFhionghuin air mòran rannsachaidh a dhèanamh air coimhearsnachdan Gàidhlig an Innse Gall, san Eilean Sgitheanach agus an Ceap Breatann, agus gu nàiseanta do Phròiseict Euromosaic an Aonaidh Eòrpaich. Rinn e obair comhairleachaidh son Plana Cànain nan Eilean Siar, Rannsachadh Craolaidh a’ BhBC, agus Roinn Gàidhlig STV nuair a thòisich prògraman maoinichte Gàidhlig. Bha e na bhall de Bhuidheann Comhairleachaidh Gàidhlig nam Ministearan agus tha e an-dràsta na bhall de Bhòrd na Gàidhlig.
Uisdean MacIllFhinnein
Tha Mgr MacIllFhinnein na Stiùiriche Conaltraidh aig Aiseagan CalMac Earranta, far a bheil uallach air son cùisean pobalach, conaltradh, margaidheachd, seirbheisean oifis agus cùram luchd-cleachdaidh. Bha e roimhe na Stiùiriche agus Iar Cheannard air Comunn na Camanachd agus bha e cuideachd ag obair ann an craoladh Gàidhlig aig BBC Radio nan Gàidheal.
Rhoda Meek
Tha Rhoda Meek ag obair air leasachadh coimhearsnachd ann an Glaschu. Tha i na Stiùriche air Tatton & Meek agus tha co-shealbh aice air Sìth Café an Ceann Siar Ghlaschu. Bha i roimhe na h-Oifigear Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba. Bha i cuideachd ag obair aig BBC Alba thairis air raon de phrògraman Gàidhlig air rèidio is telebhisean.
Thuirt Daibhidh Cairns, Ministear na Stàite an Oifis na h-Alba:
“ ‘S e àm inntinneach a th’ann, chan ann a-mhàin son luchd na Gàidhlig ach airson muinntir Alba gu lèir, agus sinn a’ gluasad a dh’ionnsaidh seirbheis dhidseatach. Chan eil Gàidhlig a-mhàin na pàirt chudromach de ar dualachas ach na cànan a tha beò ‘s a’ fàs, agus tha e an rùn an Riaghaltais a toirt gu ruige barrachd luchd-amhairc is èisteachd. Tha mi dèanamh fiughair ri bhith ‘g obair còmhla ri buill ùra a’ bhùird son GMS a chuideachadh gus seo a lìbhrigeadh.”
Thuirt Linda Fabiani, Ministear na h-Eòrpa, Cùisean Cèin agus Cultar ann an Riaghaltas na h-Alba:
“Tha mi a’ cur fàilte air an naidheachd mu na buill ùra air bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Mar a bhios fios aca, tha iad a’ tighinn gu GMS aig àm glè chudromach – le dùil ris an t-seirbheis dhidseatach tòiseachadh air a’ bhliadhna seo – agus tha mi deimhinne gu bheil am beairteas is an raon de dh’eòlas a tha tighinn ‘nan cois a’ dol a dhèanamh cìnnteach gu soirbhich leis an t-sianal ùr gu mòr anns an àm ri teachd. Chan eil teagamh agam nach eil na buill ùra a’ coimhead air adhart rim pàirt anns an t-seirbheis ùr agus tha mi guidhe soirbheachadh dhaibh.
Thuirt Niall Friseal, Cathraiche Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Ged a tha mi cur fàilte air na buill ùra agus a’ guidhe gu soirbhich leotha, feumaidh mi an fheadhainn a tha a’ fàgail a’ bhùird a mholadh airson ùine agus dealas a thairgse nach robh air a shùileachadh orra. Chunnaic a’ chiad cheithir bliadhna de Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig saothair chruaidh le cruth na buidhne ag atharrachadh, co-bhanntachd ga rèiteachadh, còmhraidhean buannachdail ri luchd na maoine, agus toirt na h-aisling airson seirbheis Ghàidhlig telebhisean shaor-sheasmhach gu buil. Còrdaidh toradh oidhirpean nam ball sin ri coimhearsnachd na Gàidhlig nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna seo.”
Thuirt Vicki Nash, Stiùiriche Ofcom (Alba):
“Tha sinn misneachail gu bheil an comas, an t-eòlas agus an dealas aig na buill ùra gus am bòrd a thoirt air adhart gu ruige saoghal ùr na Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig.”
Fiosrachadh son luchd-deasachaidh
Mar a tha air ainmeachadh an Achd a’ Chonaltraidh 2003, feumaidh an fheadhainn a leanas a bhith air bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig:
- ball air ainmeachadh leis a’ BhBC
- ball air ainmeachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean’ agus
- ball air ainmeachadh le Bòrd na Gàidhlig – a tha brosnachadh na cànain a-reir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Feumaidh Ofcom cuideachd dèanamh cìnnteach, “cho fad’s a tha sin so-dhèanta”, gu bheil ballrachd na Seirbheis a’ riochdachadh nam feadhainn a leanas:
- iadsan aig a bheil cead-craolaidh gus seirbheisean ionadail Sianal 3 a thairgse son cheàrnan gu tur an Alba;
- iadsan aig a bheil cead-craolaidh son seirbheisean ionadail Sianal 3 a thairgse a-rèir earrann 184(4)(b)aig an àm seo; tha (a) agus (b) a’ buntainn ri STV.
- gniomhachas riochdachaidh neo-eisimeileach telebhisean is rèidio an Alba;
- daoine agus buidhnean eile aig a bheil ceangal ri adhartas is cleachdadh na Gàidhlig, nam measg feadhainn a tha an-sàs ann am foghlam Gàidhlig agus ann an cultar Gàidhlig.
Back to top